Tasglann Dhealbhan na Gàidhealtachd
Tha Tasglann Dhealbhannan na Gàidhealtachd na phàirt de Thaigh-tasgaidh & Gailearaidh
Ealain Inbhir Nis taobh a-staigh High Life na Gàidhealtachd. Tha e an urra ri tasglann nan dealbhan neagataibhean is dealbhan bho air feadh na Gàidhealtachd
a ghleidheadh agus a chur ann an catalog agus, an uair sin, am fosgladh dhan
h-uile duine. Gheibh luchd-cleachdaidh a-steach dhan tasglann tro Thaigh-tasgaidh
agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis, far a bheil oifis an tasglainn a-nis stèidhichte.
Ma tha sibh airson tadhal air an oifis, tha e nas fheàrr àm a
chur air dòigh ro-làimh.
Tha iomadh cruinneachadh dhealbhan san tasglann - Cruinneachadh Joseph Cook bho 1800 gu tràth sna 1900an, cruinneachadh David Whyte bho 1880an gu 1970an, cruinneachadh Jimmy Nairn bho na 1950an, cruinneachadh Shennan agus cuid de chruinneachadh MEM Donaldson. Tha cruinneachaidhean eile againn a than as lugha agus dealbhan a thug daoine fa leth agus buidhnean dhuinn, msaa. Tha còrr is 100,000 neagataibh is dealbh a-nis sa chruinneachadh agus buinidh iad dhan mhòr-chuid de sgìrean na Gàidhealtachd, ach tha a’ chuid as motha à Inbhir Nis agus an sgìre mun cuairt. Tha mòran dhe na dealbhan ann an Tasglann Dhealbhan na Gàidhealtachd air an làrach-lìn, Am Baile. www.ambaile.org.uk
Gus uair a chur air dòigh no airson tuilleadh fiosrachaidh cuir fios gu Lesley Junor.
Fòn 01463 237114 or 07766510452
Post-d Photographic.Archive@highland.gov.uk
Faodar uair a chur air dòigh Diluain-Dihaoine eadar 9.00m agus 5.00f.
|