| Dachaigh | |
|
![]() |
| you are here: Mur Deidhinn | ||
|
Cuideachd: :
Naidheachdan
[ View our News Archive ]
|
Mur DeidhinnTha Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis mar phàirt de Sheirbheis Foghlaim, Cultair is Spòrs Chomhairle na Gàidhealtachd. Tha e stèidhte ann am meadhan a’ bhaile aig bonn Cnoc a’ Chaisteil. Chaidh a’ chiad taigh-tasgaidh fhosgladh ann an Inbhir Nis ann an 1826 leis an 'Northern Institute for the Promotion of Science and Literature'. Tha na cruinneachaidhean sin ann an taigh-tasgaidh an latha an-diugh a chaidh a stèidheachadh air an làrach seo ann an 1880. Chaidh an taigh-tasgaidh a leasachadh iomadh turas on uair sin. Rinneadh an leasachadh mu dheireadh ann an 2006. Chaidh an togalach a leasachadh gu mòr an uair sin agus tha taisbeanaidhean ùra ann agus goireasan luchd-tadhail. Tha na taisbeanaidhean a’ tòiseachadh air an ùrlar ìosal far a bheil geòlas agus eachdraidh nàdair a bharrachd air arc-eòlas bheartach na Gàidhealtachd. Tha na taisbeanaidhehan a’ leantainn orra air a’ chiad ùrlar. Gheibh thu suas a-nis ann an àrdaichear. An seo tha eachdraidh nas ùire mun Ghàidhealtachd. Chì thu cuimhneachain air na Seumasaich, obair-airgid à inbhir Nis, buill-airm na Gàidhealtachd agus pìob-mhòr. Bidh prògram de thaisbeanaidhean sealach, a bhios ag atharrachadh, air a’ chiad ùrlar. Chan e taisbeanaidhean a-mhàin a tha san taigh-tasgaidh. Tha prògram de dh’òraidean againn aig àm loin, ceòl agus rudan eile do chloinn agus do dh’inbhich. Gheibhear seòmar a ghabhas suas ri 30 airson coinneamh a chumail. Cuir fios thugainn airson an seòmar a ghleidheadh. Tha luchd-obrach eòlach againn a fhreagras ceistean agus a dh’aithnicheas agus a bheir seachad fiosrachadh mu nithean a bheir daoine a-steach. Faodaidh sgoiltean tadhal oirnn (glèidh àite ro-làimh) agus gheibhear stuthan air iasad a dh’fhaodar a chleachdadh sa chlasrum. |
|
![]() |
![]() |
Taigh-tasgaidh is Gailearaidh Ealain Inbhir Nis |
Airson fiosrachadh agus airson àite a ghleidheadh do bhuidhnean fòn thugainn air +44 (0)1463 237114 no cuir post-d gut contact@invernessmuseum.com |
Uairean Fosglaidh |
|
| Site design & hosting by Digital Routes Ltd | © inverness museum and art gallery |